Martin Docherty-Hughes

Martin Docherty-Hughes
Ball 56mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

7 dhen Chèitean 2015 - 3 dhen Chèitean 2017
Sgìre: Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar
Taghadh: Taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2015
ball 57mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

8 dhen Ògmhios 2017 - 6 dhen t-Samhain 2019
Sgìre: Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar
Taghadh: Taghadh Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2017
ball 58mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

12 dhen Dùbhlachd 2019 - 30 dhen Chèitean 2024
Sgìre: Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar
Taghadh: Taghadh Phàrlamaid na Rioghachd Aonaichte 2019
Beatha
Ainm slàn Martin John Docherty
Breith Bruach Chluaidh, 21 dhen Fhaoilleach 1971
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Foghlam
Foghlam Sgoil-ealain Ghlaschu
University of Essex (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Àitichean-obrach Lunnainn
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann am Martin Docherty-Hughes.

Rugadh agus thogadh e ann am Bruach Chluaidh. Chaidh a thaghadh mar chomhairliche aig aois 2021 is e an comhairliche as òga ann an Alba. Bha e na oileanach aig Glasgow Met, Oilthigh Essex far an do dh'ionnsaich e poileataigs agus Sgoil Ealain Ghlaschu. Dh'obraich e ann am poileasaidh airson Volunteer Scotland.[1]

Riochdaich e Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar ann an Taigh nan Cumantan airson an SNP eadar 2015 agus 2024. Bha e na neach-labhairt a' phàrtaidh air dìon eadar an t-Sultain 2023 agus an Cèitean 2024 is a' phàrlamaid ga sgaoileadh. Ro sin dh'fhrithealaich e air a' chomataidh taghte air dìon agus a fho-chomataidhean sònraichte on t-Sultain 2017.[2]

  1. Martin Docherty-Hughes”. Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 4mh dhen Iuchar 2024.
  2. Parliamentary career for Martin Docherty-Hughes - MPs and Lords”. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 4mh dhen Iuchar 2024.

From Wikipedia, the free encyclopedia · View on Wikipedia

Developed by Tubidy